Simona-Grazia Dima
(Romania)
An Fhuaim
Tha dùil agam ris an fhuaim –
Chan ann bho sgioba-ciùil dìcheallach.
Math dh’fhaodte gum bi e coltach
Ri òran aig carbad-iarainn,
Mar fhead ann an calaidhean
Air neo ann am fàsaichean
Far a bheil smeuran a’ fàs
A’ sèideadh timcheall air clann a tha gorm
A bhios a’ feuchainn daonnan
Ri teicheadh às.
sgioba-ciùil – ceolfhoireann; math dh’fhaodte – b’fhéidir; coltach – cosúil; daonnan – i gcónaí
Is Rudeigin Eile Mi
Tha mi searbh de chus den olc
Agus de chus den mhath cho math.
Tha mi sgìth de sgiobaltachd
Agus den t-siadhan.
“Fàg iad, fàg iad”,
Cluinnidh mi guth a’ glaodh.
Bidh m’ anam a’ seachnadh
Nan cnapan-starra ‘s nam bacaidhean
A tha ‘n seo nan cràdh
Is a’ ruith le gruaidhean a’ ruadhadh
Na leanabh deas, ealanta ‘s glic.
“Fàg iad uile”, tha e glaodh.
cus – an iomarca; sgìth – tuirseach; sgiobaltachd – néatacht; siadhan – cíor thuathail; cnap-starra – ceap tuisle; glic – críonna
Tuiteam ann am Bhàrdachd
Bha mi feuchainn ri tuiteam.
Cha ghabhadh e dèanamh.
Anns a h-uile bad
Bha bàrdachd a’ sìneadh a-mach romham
Le lìon a’ deàrrsadh.
Dh’fheuch mi ri bhith air mo bhruthadh.
Gun fheum.
Cha do bhean mo chasan ri clachan
Ach ri measan làn
Le sùgh a bha domhain ‘s àrsaidh.
Mu thimcheall
‘S ann a dh’fhosgail
Basan an sùilean
Agus gun fhiosta
‘S ann a thug iad cead
Am beatha thoirt seachad
Gu facal.
Agus aig an aon àm,
‘S ann a bha ‘m bàrd,
Na leanabh ait, cearbach is gun srian
A’ cur nan car gun lasachadh
Ann am fèithean a’ tionndadh
Nan òr am prioba nan sùl.
feuchainn – iarraidh; cha ghabhadh e dèanamh – níorbh fhéidir é a dhéanamh; bad – ball; deàrrsadh – taitneamh; meas – toradh; gun fhiosta – go tobann; toirt seachad – caith; cearbach – amscaí; cur nan car – casadh; lasachadh – staonadh; tionndadh – iompú
Àite
Cha bhi faclan ann tuilleadh
Ach mealbhaid nan eun,
Cuileagan dìomhair air dubh na h-àile,
Diogan air mòinteach sìoda na h-oidhche
San àite lainnireach a tha ‘n sin
Eadar uisge ‘s beul
An daimh le sùilean boillsgeach
Gu sàmhach ag òl.
àile – aer; diogan – soicind; boillsgeach – lasrach; sàmhach – ciúin
An Leac
‘S e dìreach mi fhìn
Air a bheil mi ‘g iarraidh sùrd a chur
Le bhith carachadh na lice
Le mo làimh air a rùsgadh
Agus am beathach le craiceann geal
A tha fàs gorm san dubhar
A leigeil mu sgaoil.
Cha chluinn mi ach an t-iolach
Aig clachan a’ tuiteam a-steach
Ann am bruthaichean
Is dealain-dè bhuidhe
‘S iad ag itealaich air an socair
Os ar cionn.
Tha cridhe ri plosgartaich gu slaodach
Gu domhain fo uisgeachan reòthta.
Bidh mo bheathach a’ fàs,
A’ fàs teth teth san dubhar.
Latha de na làithean thig e
Don taigh agam aig meadhan-latha.
“Cò leig a-mach thu?”, faighnichidh mi le iongantas.
"Ur smuain a leaghas creagan,
Cò eile?”.
sùrd – sult; carachadh – corraíl; air a rùsgadh – nocht; dubhar – scáil; mu sgaoil – saor; dealan-dè – féileacán; plosgartaich – pléascadh; slaodach – mall; faighnich – fiafraigh
Innealan-cogaidh Bruadair
Dìreach dhomh fhìn, bidh mi fhìn,
An saothraiche, ri cosnadh mo shìthe.
‘S mi fhìn a sgapas an t-aoibhneas
Is a chuireas bhon eaglais.
Na mo bhois bidh mi cnèadachadh
Chlach uaine, fuara ‘s èagnaidh
Bhon a thuigeas iad sleamhnachadh gu tur
Tro chladhain-aibhne,
Mu dheidhinn uisg’ air a shlìobadh
Gus an tèid a dhèanamh cruinn,
Mu luasgadh an lùib nam barrag-uine –
A dh’fhulaing mi le sùilean dùinte.
Tha iad na mo bhois – innealan-cogaidh bruadair
Ri drip air chùl
Mar aodann is mar dhorsan
Tro bheil mi ri sruthadh thugam fhìn.
Fad linntean air an t-slighe, gan cumail
Na mo làimh, mi feuchainn ri dhol a-steach.
Mar chugar tro chraobhan is lusan,
Bidh mi fàs dlùth ri m’ anam
A tha deis
Gus mo reubadh suas
Aig carachadh air cho aotrom
Bho na duilleagan.
bruadar – brionglóid; cosnadh – saothrú; cnèadachadh – slíocadh; gu tur – ar fad; mu dheidhinn – mar gheall ar; barrag-uaine – cuileannóg; drip – cruóg; cumail – coinneáil; deis – ullamh
An t-Agallamh
Bhrùchd aon dòmhladas
De luchd-nam-meadhanan a-steach
Timcheall air Socrates
Agus am boinne mear
Ga òl aige gu dian.
"Dè tha fa-near dhaibh?
Dè na tionnsgnaidhean agaibh, oide mhòir?”
Bhuail iad air le ceistean
Agus am puinnsean làn luaidhe
Ga dhòrtadh sìos an sgòrnan aige.
dòmhladas – plód; boinne-mear – muing mhear
Air an cur gu Gàidhlig le Rody Gorman
____________________________________________
Tha Simona-Grazia na bàrd, na h-aistiche, na neach-breithneachaidh litreachais agus na neach-tionndaidh. Rugadh i ann an Timişoara, Romania, ann an teaghlach sgrìobhadairean. Thug i a-mach ceum le urram bhon Oilthigh an Iar ann an Timişoara.
An-dràsta tha i a’ fuireach ann am Bucharest far a bheil i ag obair mar neach-deasachaidh san Acadamaidh Romanianach. Tha S-GD air trì leabhraichean deug a thoirt a-mach, 10 dhiubh sin nan cruinneachaidhean-bàrdachd, 2 de dh’aistidhean-breithneachaidh agus tionndaidhean bhon Àird an Ear gu Beurla.
Bidh stuth leatha a’ nochdadh gu cunbhalach sna h-irisean mòra air fad ann an Romania. Thathar air an t-saothair aice a thionndadh gu 8 cànanan eile. Tha i air iomadh duais a thoirt a-mach airson na saothrach aice agus air an dùthaich aice a riochdachadh aig caochladh imeachdan-litreachais thall thairis. Tha i na ball de dh’Aonadh Luchd-sgrìobhaidh Romania agus na rùnaire air Ionad PEN Romania.